XIV International Congress of Celtic Studies

  • Increase font size
  • Default font size
  • Decrease font size

Fios

Bidh an XIV Còmhdhail Eadar-nàiseanta nan Eòlasan Ceilteach a’ gabhail àite bho 1–5 Lùnastal 2011, ann an Oilthigh Nàiseanta na h-Èireann, Maigh Nuad.

Tha Còmhdhail Eadar-nàiseanta nan Eòlasan Ceilteach a bhios a’ gabhail àite gach ceithir bliadhna, mar an cruinneachadh sgoilearach as motha a th’ ann de a leithid, a’ tàladh sgoilearan aig a bheil sùim ann am mòran diofar raointean de na h-Eòlasan Ceilteach. Tha a’ Cheathramh Chòmhdhail Deug ga h-eagrachadh tro àireamh de dh’oilthighean agus de dh’aitreabhan cultarach ann an sgìre Bhaile Átha Cliath fo chùmhnant Sgoil nan Eòlasan Ceilteach, Institiùd Sgrùdaidhean Adhartach Bhaile Átha Cliath.

Rè na Còmhdhaile, thèid pàipearan a lìbhrigeadh mu gach sealladh den chultar agus den t-sìobhaltachd Cheilteach, bho na h-aoisean as tràithe sìos chun an latha an-diugh. Tha na raointean a thog mòran ùidh aig còmhdhailean roimhe seo a’ gabhail a-steach Litreachas Nuadh is Meadhan-Aoiseil agus Cànanan, Miotas-eòlas, Arc-eòlas, Eachdraidh, Beul-aithris, Ealain agus Ceòl. Tha farsaingeachd na Còmhdhaile a’ cruthachadh fòram a tha tarraingeach agus cudromach dhaibhsan a tha ag obair ann an raointean sgoilearach eile ach aig a bheil ùidhean a tha a’ teannadh air saoghal nan Eòlasan Ceilteach.

A thuilleadh air a’ chlàr-ama de thachartasan sgoilearach, tha làn phrògram de chuspairean sòisealta agus aoigheil ga chur air dòigh. Nam measg sin, bidh àireamh de thursan, cuirmean agus tachartasan cultarach. Bidh cuid de thaisbeanaidhean a’ dol air adhart aig àm na Còmhdhaile.

Tha ballrachd den Chòmhdhail fosgailte do neach sam bith le ùidh ann an Eòlasan Ceilteach. Bidh fàilte ann gu h-àraid do sgoilearan nas òige agus dhaibhsan nach robh an làthair roimhe aig a’ Chòmhdhail Cheilteach Eadar-nàiseanta.

Tha cinn-latha clàraidh air an ainmeachadh air an làraich-lìn seo, agus bidh fiosrachadh a thaobh clàraidh agus lìbhrigeadh pàipeir aig a’ Chòmhdhail ga ùrachadh gu cunbhalach. Faodaidh sibh cuideachd ur n-ainm a chur ri liosta fiosrachaidh a bhios a’ toirt seachad a h-uile naidheachd mun Chòmhdhail, le post-dealain bàn a chur gu This e-mail address is being protected from spambots. You need JavaScript enabled to view it

’S e baile a th’ ann am Maigh Nuad a bhuineas don oilthigh a tha suidhichte mu 24 cilemeatair an iar air Baile Átha Cliath. Tha an t-oilthigh, a chaidh a stèidheachadh ann an 1795, mar an dàrna oilthigh as sine ann an Èirinn agus tha àireamh mhòr de thogalaichean eachdraidheil rim faicinn air an àrainn. Tha goireasan rèile, rathaid agus bus a tha fìor mhath a’ ruith eadar Maigh Nuad agus Baile Átha Cliath. Bidh àite-fuirich do theachdairean na Còmhdhaile ri fhaotainn aig an oilthigh fhèin. Tha e air a mholadh do bhuill a tha an dùil a bhith an làthair brath a ghabhail air clàradh tràth, a bharantaicheas àite-fuirich air àrainn an oilthighe aig ìre cosgais lùghdaichte agus cìs clàraidh spèisealta.

Thèid tuilleadh mion-fhiosrachaidh mun Chòmhdhail agus am fiosrachadh as ùire a chur air an Làraich-lìn seo.

Tha sinn a’ coimhead air adhart ri fàilte bhlàth a chur oirbh chun na Còmhdhaile.

 

An Làthair

Cinn-latha cudromach

Clàradh tràth: 1 Sultain 2010 gu 30 Samhain 2010

Clàradh: 1 Dùbhlachd 2010 gu 31 Màirt 2011

Tairgse pàipeir: 1 Lùnastal 2010 gu 30 Samhain 2010


GaeilgeCymraegEnglishGàidhligBrezhonegFrançaisNederlandsDeutschCatalanEspañolItalianoРусский

Am fiosrachadh as ùire