Fàilte

Is e am prìomh cho-chruinneachadh eadar-nàiseanta do rannsaichean chànan, litreachasan agus dualchasan nan Ceilteach a tha ann an Còmhdhail Eadar-Nàiseanta na Ceiltis.  Air a cumail gach ceithir bliadhna, is e fòram a tha anns a’ Chòmhdhail a bhios a’ tabhainn cothrom do dh'eòlaichean a tha an lùib gach raoin dhen Cheiltis tional agus am beachdan-rannsachaidh air iomadh cuspair - cànanachas, litreachas, eachdraidh, àrc-eòlas agus eachdraidh-ealain nam measg - a chur fa chomhair a chèile.

Thèid an 15mh Còmhdhail Eadar-Nàiseanta na Ceiltis a chumail ann an Oilthigh Ghlaschu air 13-17 An t-Iuchar 2015.

Tha a' Ghairm-Phàipearan a-nis dùinte.

Bidh Clàradh fosgailte gu ruige 28 Ògmhios 2015 agus chan fhaodar clàradh a bhith an làthair aig a' Chòmhdhail an dèidh a' chinn-latha seo (air loidhne air neo aig a' Chòmhdhail fèin).

Grad-Naidheachd: Chaidh an ceann-ama a shìneadh a-mach airson clàrachadh luchd-labhairt agus do chàch aig a’ phrìs as ìsle gu Dimàirt 19 An Cèitean. (Nìthear cinnteach gur e a’ phrìs seo a phàigheas neach sam bith a chlàraich aig an ìre na b’ àirde an dèidh 9 An Cèitean.)

 Faodar pàigheadh le chairt-creideis no cairt-fhiachan, air neo le sheic (GBP).

Briogaibh an seo chum ur n-ainm a chur air an liosta-phuist againn agus airson tuilleadh fiosrachaidh fhaotainn air na mìosan a tha romhainn (agus socraichibh ur sìoltachain-sgudail gum faighear teachdaireachdan bho arts-iccsxv@glasgow.ac.uk).